Pretty song, enjoy



Lyrics: English Translation:
Gura muladach tha mi
I am sad
'S mi air àirigh chruidh-bhainne
On sheiling of dairy cattle

Sèist: Chorus (after each verse):
Seinn o ho rò seinn
Sing o ho rò sing
Seinn o ho rò leannain
Sing o ho rò darling
Seinn o ho rò seinn
Sing o ho rò sing

Gura muladach sgìth mi
I am sad and weary
'S mi leam fhìn an tìr m'aineoil
Alone in an unknown land

Cha b'ionnann mar bha mi
My circumstances are unlike
Man do dh'fhàg mi 'm Bràigh Raineach
They were before leaving Rannoch Moor

Le m'phiuthar 's le mo bhràthair
With my brother and sister
Cead bhith mànran ri m'leannan
And had permission to dally with my sweetheart

Ann am bothag an t-sùgraidh
In the little hut of lovemaking
'S e ba dùnadh dhi barrach
Its entrance was closed with brush tops

Ann an Eilean nan Leòdach
In the Isle of Lewis
Far am pòs gach caileag
Where every girl will wed

'Se bu leaba dhuinn luachair
Our bed was rushes
'S e bu chluasag dhuinn canach
Our pillow was bog cotton

Seinn, o ho rò, Ruairidh
Sing, o ho rò, Rory
Bidh daoin-uasal' air do bhanais
Noblemen will attend your wedding feast

Seinn, o ho rò, Thormaid
Sing, o ho rò, Norman
Fhir nan gorm-shùilean meallach
Of the blue beguiling eyes

'S ged nach bi mi 'ga innse
Although I won't reveal it
'S ann an Ile tha mo leannan
My sweetheart dwells in Islay

'S ged nach bi mi 'ga ràidhtinn
Although I won't say it
Thug mi gràdh dhut 's mi 'm leanabh
I have loved you since I was a child